Ùghdarrasan ionadail

Fiosrachadh do ùghdarrasan ionadail

Thug Riaghaltas na h-Alba a-steach na Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG) mar phàirt den Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta. Còmhla, tha na measaidhean a-nis aithnichte seo mar Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN) agus tha an dà chuid a-nis air aon siostam air-loidhne.

’S e seata cunbhalach de mheasaidhean coitcheann aig ìre nàiseanta a th’ anns na MCN, a chaidh a dhealbh mar thoradh air mar a tha sinn a’ lìbhrigeadh foghlam ann an Alba tron Churraicealam airson Sàr-mhathais, agus airson MCNG, na prionnsabalan Foghlam tron Ghàidhlig.

Fiosrachadh a dh’fheumas sibh mar ùghdarras ionadail

Dè bhios air a mheasadh?

Tha fòcas aig na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba air cuspairean fa leth ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd agus tha iad a rèir nan slatan-tomhais litearrachd agus àireamhachd a tha a’ nochdadh anns na h-eòlasan agus na builean buntainneach.

Cò thèid a mheasadh?

A h-uile pàiste ann an C1, C4, C7 agus ÀS3.

Cuin a thachras na measaidhean?

Bidh an roghainn aig luchd-teagaisg agus sgoiltean fa leth, le stiùireadh bho ùghdarrasan ionadail, mun àm as freagarraiche sa bhliadhna-sgoile do chlann agus daoine òga na measaidhean coitcheann a dhèanamh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith soilleir nach eil feum aig a h-uile pàiste no neach òg ann an clas, sgoil neo ùghdarras ionadail na measaidhean a dhèanamh aig an aon àm neo thairis air an aon ghreis ùine. Tha breithneachadh proifeiseanta nan tidsearan bunaiteach. Bu chòir co-dhùnaidhean air cuin a thèid measaidhean a thoirt do chlann agus daoine òga a bhith air an ruighinn a-rèir argamaidean foghlaim agus stèidhichte air feumalachdan agus ùidhean gach neach-ionnsachaidh fa leth.

 

Dè an cruth a th’ air na measaidhean?

Thèid na measaidhean a dhèanamh air-loidhne agus thèid an ceartachadh leis an t-siostam air-loidhne, a’ toirt fiosrachadh do luchd-teagaisg air an aon latha airson adhartas chloinne agus dhaoine òga a chuideachadh.

Dè a’ bhuaidh a bhios aig a seo air clann?

Tha Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba air an lìbhrigeadh mar phàirt de dh’ionnsachadh agus teagasg àbhaisteach. Cha bhi aig clann agus daoine òga ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo. Tha na measaidhean cho in-ghabhalta ’s as urrainn dhaibh a bhith airson gum freagair iad air clann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd leis an ionnsachadh. Le beachdachadh air rianachd a’ chlas, bithear cinnteach gun còrd a’ chùis ri chlann agus daoine òga.

Ciamar a thèid na builean a chleachdadh?

Bheir na MCN fiosrachadh a tha co-sheasmhach gu nàiseanta, cothromach agus diagnosach gus cur ris an tuigse iomlanach a tha aig luchd-cleachdaidh air adhartas chloinne agus dhaoine òga san sgoil. A bharrachd air fiosrachadh a thoirt air na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh neach-ionnsachaidh fa leth, dh’fhaodadh gun cuireadh an dàta cuideam air dè na dòighean ionnsachaidh agus teagaisg as fheàrr a dh’obraicheas far a bheil atharrachaidhean a dhìth. Cleachdaidh luchd-teagaisg, sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail am fiosrachadh seo airson leasachaidhean a bharrachd a dhèanamh aig ìre gach pàiste fa leth, ìre seòmar-teagaisg, ìre sgoile agus ìre ionadail a chuidicheas gach pàiste gus soirbheachadh. Mar sin ’s urrainn dhuinn ionnsachadh bhon dòigh as fheàrr, agus dèanamh cinnteach gu bheil ùine agus oidhirpean air na dòighean aig a bheil na buaidhean as motha air ionnsachadh, a chuidicheas gach pàiste no neach òg gus soirbheachadh.

Dè an fheallsanachd a th’ ann airson Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba?

Carson a dh’atharraich an siostam air-loidhne airson nam measaidhean nàiseanta?

Bhon a thàinig an cùmhnant airson lìbhrigeadh ìre aon de na MCNG gu ceann san Iuchar 2021, agus an cùmhnant airson SNSA san Iuchar 2022, dh’fheumadh Riaghaltas na h-Alba an t-seirbheis a chur a-mach gu co-fharpais. Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh air platform measaidh co-mheasgaichte a chruthachadh airson ìre dhà de Mheasaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (NSA) a lìbhrigeadh. Taobh a-staigh an t-siostam ùr bidh an dà chuid Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG) mar dhà sheata measaidh fa leth. Mar sin, tha coltas an t-siostam measaidh eadar-dhealaichte bhon a bha e roimhe.

Dè na buannachdan a thig bho na measaidhean do chlann agus do luchd-teagaisg?

Bheir Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba fiosrachadh diagnosach air mar a tha a h-uile pàiste agus neach òg ann an Alba a’ dèanamh adhartas ann am cùisean litearrachd agus àireamhachd. Gan toirt còmhla leis an rainnse shlàn den fhiosrachadh bho mheasaidhean a tha leantainneach, tha na builean on mheasadh coitcheannachaidh a’ toirt taic le bhith a’ stèidheachadh sealladh iomlanach air adhartas neach fa leth agus buidhnean de luchd-ionnsachaidh.

Còmhla ri fianais eile, cuidichidh dàta MCN le breithneachadh proifeiseanta luchd-teagaisg mu dheidhinn ìrean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Cha bu chòir na measaidhean a chleachdadh leotha fhèin agus cha bu chòir an cleachdadh an àite measadh leantainneach air adhartas chloinne agus dhaoine òga a tha na phàirt bunaiteach den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha Riaghaltas na h-Alba ga dhèanamh follaiseach gur e an t-adhbhar airson gach measadh, a’ gabhail a-steach measaidhean coitcheann nàiseanta, tidsearan a chuideachadh gus tuigsinn mar a tha a’ chlann agus daoine òga a’ tighinn air adhart, agus gus na tidsearan a chuideachadh ionnsachadh san àm ri teachd atharrachadh dha rèir. Bu chòir dàta mheasaidhean a bhith air an cleachdadh gus toraidhean foghlaim a leasachadh airson gach pàiste agus neach òg.

A bheil na measaidhean in-ghabhalta agus ruigsinneach?

A bheil na measaidhean in-ghabhalta agus ruigsinneach?

Tha Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba air an dealbh airson gum bi iad cho in-ghabhalta ’s a ghabhas agus gum freagair iad air clann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd. Bu chòir taic sam bith a tha neach-ionnsachaidh a’ faighinn san t-seòmar-teagaisg a bhith ri fhaighinn airson nam measaidhean.

A bheil na measaidhean iomchaidh do chlann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan a bharrachd san ionnsachadh aca?

Faodaidh luchd-cleachdaidh a tha ag obair le clann agus daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd a tha nas toinnte an eòlas agus an tuigse air an neach-ionnsachaidh a chleachdadh, a bharrachd air na feumalachdan, neartan agus dùbhlain a th’ aca gus tighinn gu co-dhùnadh, ann an co-chonaltradh ri pàrantan/luchd-cùraim, am bi e freagarrach measadh coitcheann a chleachdadh.

Dè bu chòir dhut a dhèanamh a-nis?

A’ cur taic ri sgoiltean

Leanaidh ùghdarrasan ionadail orra a’ roghnachadh mar a chuireas iad taic ri sgoiltean le na measaidhean coitcheann. Obraichidh riochdairean bhon ùghdarras ionadail aig a bheil dleastanas airson measadh gu dlùth còmhla ri ceannardan-sgoile agus luchd-teagaisg airson comhairle a thoirt dhaibh mu phlanadh nam measaidhean. Tha comhairle agus taic air rianachd rùm-sgoile, agus cleachdadh dàta nam measaidhean air leth cudromach.

A’ cleachdadh an dàta

Bidh an dàta air fad a gheibhear bho na measaidhean coitcheann leis an ùghdarras ionadail, airson an cothrom a thoirt dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air mar a thèid clann agus daoine òga air adhart ann an iomadh dòigh.

Bidh aithris agus sgrùdadh an dàta cudromach, agus bu chòir beachdachadh air mar a tha ùghdarrasan ionadail airson aithisgean a chur ri chèile gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ leantainn orra a bhith feumail agus fiosrachail.

Bidh aithisgean daineamaig aig ìre ùghdarras ionadail rim faotainn ann am portal nam measaidhean. Bheir seo farsaingeachd de dhàta mheasaidhean don ùghdarras ionadail airson mion-sgrùdadh.

Ìrean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais

Bidh poileasaidh measaidh aig gach ùghdarras ionadail, agus bu chòir ro-innleachdan a bhith ann a’ beachdachadh air dàta nam measaidhean coitcheann agus mar a thèid na toraidhean a chleachdadh gu diagnosach airson stèidh a thoirt do ionnsachadh agus teagasg. Bu chòir smaoineachadh air mar a dh’fhaodadh na measaidhean coitcheann toirt taic do bhreithneachadh proifeiseanta luchd-teagaisg air an ìre den Curraicealam airson Sàr-mhathais a tha luchd-ionnsachaidh air a ruighinn.

Trèanadh

Thèid taghadh farsaing de chothroman trèanaidh a thabhann thar na bliadhna acadaimigich. Sa chiad dol a-mach, bidh fòcas trèanaidh a’ gabhail a-steach solaradh goireasan taic tòiseachaidh airson dèanamh cinnteach gum faigh luchd-teagaisg làn cothrom air a’ phlatform agus a chomas-gnìomh, agus airson measaidhean a lìbhrigeadh ann an dòigh a tha a’ freagairt air luchd-ionnsachaidh a dh’fheumas taic a bharrachd san ionnsachadh aca no aig a bheil Beurla mar chànan a bharrachd.

Bidh fòcas trèanaidh an dèidh sin air cleachdadh dàta MCN a bharrachd air àitichean sònraichte lìbhrigeadh nam measaidhean, a rèir trèanadh ìre a h-aon. 

Bidh goireasan rim faotainn tro dhuilleagan cuideachaidh a’ phortal sa chiad dol a-mach. Faodaidh luchd-cleachdaidh Deasg Frithealaidh MCN a chleachdadh cuideachd, ma tha ceistean sam bith aca no taic eile a dhìth.

Thèid cothroman trèanaidh a lìbhrigeadh ann an cruth didseatach an toiseach. Tro theirm a’ gheamhraidh, bruidhnidh Oifigearan Taice ri ùghdarrasan ionadail gus faighinn a-mach mu fheumalachdan agus prìomhachasan trèanaidh, agus gus cothroman trèanaidh aghaidh ri aghaidh agus oideachaidhean-lìn a dh’fheumas ùghdarrasan ionadail a dhearbhadh.

Deisealachd theicnigeach

Tha siostam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba air fad air-loidhne agus ri fhaotainn air siostam teicnigeach sam bith. Cha bhi feum air leasachaidhean neo bathar-bog IT sònraichte sam bith. Ge-tà, feumaidh ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gum bi deisealachd theicnigeach ann an sgoiltean airson na measaidhean a thoirt gu buil gu soirbheachail.

Tha deasg frithealaidh ann airson cuideachadh agus taic a thoirt mun h-uile pàirt de na measaidhean coitcheann, a’ gabhail a-steach comhairle air deisealachd theicnigeach.

Faodaidh tu post-dealain a chur chun an Deasg Frithealaidh aig support@nsa.scot. Tha fiosrachadh airson fònadh chun an Deasg Frithealaidh ri fhaotainn nuair a logas tu a-steach don t-siostam NSA.