Poileasaidh Prìobhaideachd

Ar dleastanas ri Prìobhaideachd Dàta

Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba gèilleadh ri Achd Dìon Dàta 2018.

Dè na prìomh fheumalachdan GDPR san RA?

Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba coileanadh na dh’fheumas iad tro GPDR RA. Tha na leanas nan eisimpleirean de na prìomh fheumalachdan GPDR RA a tha a’ buntainn ri Riaghaltas na h-Alba (mar phròiseasair) agus Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (mar rianadairean):

  • Dleastanas a thaobh thomhasan dìonachd agus prìobhaideachd air a bheil feum fo GDPR RA.
  • A’ cuideachadh nan custamairean againn na feumalachdan dìonachd agus prìobhaideachd dàta GPDR aca a choileanadh, a’ cur fios gu riaghailtearan mu bhrisidhean dàta phearsanta air na siostaman againn agus gu luath ag innse mu na brisidhean sin dhan luchd-ùidhe again agus na agus cleachdaidhean deireannach.
  • A’ dèanamh cinnteach, nuair a tha ar luchd-obrach a’ faighinn agus ag obrachadh air dàta phearsanta ar luchd-cleachdaidh, gu bheil iad ceangailte fo ghleidheadh dìomhaireachd agus dìonachd an dàta sin.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil dàta phearsanta air a gleidheadh ris an rianachd dàta cheart, agus dìonachd agus prìobhaideachd iomchaidh fo GDPR RA.
  • A’ gabhail ri bhith a’ coimhead air measaidhean buaidh dàta agus ann an co-chomhairle ri oifis Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba nuair a tha sin iomchaidh.

Fiosrachadh Prìobhaideachd

Cuiridh sinn an gnìomh dìon agus rianachd iomchaidh air fiosrachadh dearbhadh aithneachaidh a bheir thu do Riaghaltas na h-Alba airson adhbhar Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN). Bidh fiosrachadh pearsanta sam bith a bheir thu dhuinn air a chumail agus air a phròiseasadh le Riaghaltas na h-Alba agus am fo-phròiseasair AlphaPlus Limited, BTL Group Ltd, Method4 Ltd, Microsoft, Cloud Ally agus Iron Mountain ann an co-rèir ris an Achd Dìon Dàta 2018 (ADD) agus GDPR RA. Cha tèid am fiosrachadh agad a thoirt seachad gu treasamh partaidh sam bith eile mura bheil thu air cead a thoirt don Ùghdarras Ionadail agad sin a dhèanamh.

Sanas Prìobhaideachd – mar a tha sinn a’ pròiseasadh an fhiosrachaidh phearsanta agad

Cha tèid fiosrachadh pearsanta sam bith a tha air a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba airson MCN a chleachdadh ach airson sin a-mhàin, a’ dèanamh na h-obair reachdail againn no airson obair oifigeil agus gus na cunntasan agus clàran again a chumail ceart. Cha chleachd sinn am fiosrachadh ach airson na h-adhbharan sin, ach roinnidh sinn e cuide ri feadhainn eile airson adhbharan a tha laghail agus reusanta. Aig Riaghaltas na h-Alba agus ann an Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, bidh sinn a’ rianachd, a’ cumail agus a’ dìon an fhiosrachaidh a rèir feumalachdan GDPR RA, ADD agus reachdas eile. Tha sinn cuideachd a’ gabhail ris na poileasaidhean fiosrachaidh againn fhìn agus an cleachdadh riaghaltais as fheàrr.

Ann an cuid de shuidheachaidhean, dh’fhaodadh gum pròiseas sinn am fiosrachadh pearsanta agad gun aonta, agus/no dh’fhaodadh gun cuireamaid bacadh air an fhiosrachadh a tha againn mu do dheidhinn. Cha nochd na suidheachaidhean seo ach nuair a tha e co-cheangailte ris na dleastanasan reachdail againn. Anns na suidheachaidhean sin, tha saorsa ann bho GDPR agus ADD.

Dòighean air bruidhinn rinn

Ma tha thu airson fiosrachadh fhaighinn air a’ phoileasaidh prìobhaideachd againn, faodaidh tu post-dealain a chur chun na sgioba NSA air nationalimprovementframework@gov.scot.