Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba

SNSA Logo Measaidhean Coitcheann Naiseanta Gaidhlig Logo (S)

Tha an solaraiche ùr airson ìre a dhà de Mheasaidhean Coitcheann Naiseanta na h-Alba a’ cur crìoch air an làrach-lìn co-mheasgaichte airson na SNSA agus an riochd Gàidhlig, na MCNG. Leanaidh sinn oirnn a’ leasachadh mheasaidhean a tha sònraichte do MCNG agus SNSA. Leanaidh na measaidhean orra a’ toirt fiosrachadh diagnòsach a bharrachd do thidsearan, mar phàirt de dhearbhadh measaidh farsaing, nuair a tha iad a’ planadh nan ath cheumannan ionnsachaidh.

Thathas an-dràsta a’ gluasad na SNSA gu solaraiche ùr agus bidh iad rim faighinn a-rithist anns na seachdainean ri thighinn. Bruidhinnidh sinn ri manaidsearan cunntais ìre a h-aon a dh’aithghearr le stiùiridhean gus am faigh iad a-steach chun a’ phlatform ùr.

Chaidh na MCNG a chur air bhog fo ìre public beta tro theirm an t-Samhraidh. Chaidh cailbhreachadh agus coitcheannachadh a dhèanamh thar mìosan an t-samhraidh, agus thèid an seata mheasaidhean 2022/23 a chur a-mach an ath-mhìos.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mheasaidhean coitcheann, faic na duilleagan Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba no cuir fios gu nationalimprovementframework@gov.scot.