Poileasaidh Chriomagan

Dè th’ ann an criomag?

Cleachdaidh a’ mhòr-chuid dhe na làraich-lìn air an tadhail thu criomagan gus leasachadh cleachdadh an neach-cleachdaidh le bhith a’ leigeil leis an làrach-lìn sin do “chuimhneachadh”, airson na h-ùine a tha thu air an làrach no nuair a thilleas tu.

Bidh criomagan a’ dèanamh iomadh rud, a leithid leigeil leat gluasad eadar duilleagan gu h-èifeachdail, a’ gleidheil nan roghainnean agad, agus sa chumantas, a’ leasachadh mar a tha thu a’ cleachdadh làrach-lìn. Nì criomagan an t-eadar-obrachadh eadar thu fhèin agus an làrach-lìn nas luaithe agus nas fhasa. Mura bheil làrach-lìn a’ cleachdadh chriomagan, bidh e a’ smaoineachadh gur e neach-tadhail ùr a th’ annad gach turas a ghluaiseas tu gu duilleag ùr air an làrach – mar eisimpleir, nuair a chuireas tu a-steach am fiosrachadh log a-steach agus a ghluaiseas tu gu duilleag eile, chan aithnich e thu agus cha bhi e comasach do chumail ann.

Dè tha ann an criomag?

’S e faidhle teacsa sìmplidh a th’ ann an criomag a tha air a stòradh air a’ choimpiutair no inneal-làimhe agad le frithealaiche an làrach-lìn agus ’s e am frithealaiche sin a-mhàin as urrainn a’ chriomag sin fhaighinn agus a leughadh. Tha gach criomag sònraichte dhan bhrobhsair lìn agad. Bidh fiosrachadh neo-ainmichte na bhroinn a leithid aithnichear air leth agus ainm an làraich agus àireamhan. Tha seo a’ leigeil le làrach-lìn cuimhneachadh air rudan mar na roghainnean agad.

Ciamar as urrainn dhomh smachd a chumail air na criomagan agam?

Faodaidh tu am brobhsair-lìn agad a chleachdadh airson gun/gum:

  • dubh thu às na criomagan gu lèir
  • caisg thu na criomagan gu lèir
  • ceadaich thu na criomagan gu lèir
  • caisg thu criomagan treas phartaidh
  • glan thu às na criomagan gu lèir nuair a dhùineas tu am brobhsair
  • fosgail thu seisean “brobhsadh prìobhaideach”
  • stàlaich thu cur-ris agus plug a-steach gus comas-gnìomh brobhsair a leudachadh

Càit am faigh mi fiosrachadh mu bhith a’ cumail smachd air criomagan tron bhrobhsair agam?

Internet Explorer: How to delete cookie files in Internet Explorer.

Chrome: Manage cookies.

Firefox: Give certain websites the ability to store passwords, set cookies and more.

Apple browsers including Safari: Support for cookies.

A’ tomhas cleachdadh an làraich-lìn

Tha bathar-bog Google analytics air an cleachdadh gus fiosrachadh a chruinneachadh air mar a tha thu a’ cleachdadh làrach-lìn Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba. Tha seo a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an làrach a’ coinneachadh ri feumalachdan an luchd-cleachdaidh agus airson cuideachadh gus leasachaidhean a dhèanamh.

Tha Google analytics a’ cumail fiosrachadh mu:

  • na duilleagan air an tadhail thu agus dè cho fad ’s a bha thu air gach duilleag
  • ciamar a fhuair thu dhan làrach-lìn sin
  • dè tha thu a’ brùthadh nuair a tha thu air an làrach-lìn

Chan eil fiosrachadh pearsanta (me d’ ainm no do sheòladh) air a chruinneachadh no air a chumail agus mar sin cha tèid am fiosrachadh sin a chleachdadh gus d’ aithneachadh. Cha bhi Google a’ cleachdadh no a’ co-roinn dàta bun-rannsachail an làraich-lìn seo.

Faigh barrachd fiosrachaidh mu dhìon agus prìobhaideachd Google Analytics.

Bidh Google Analytics a’ cleachdadh nan criomagan a leanas:

Ainm na criomaig Ùine beò Fiosrachadh
_ga 2 bhliadhna Air an cleachdadh gus luchd-cleachdaidh a chomharrachadh
_gid 24 uairean Air an cleachdadh gus luchd-cleachdaidh a chomharrachadh
_gat 1 mhionaid Air an cleachdadh gus reat iarrtais a mhùchadh