Pàrantan agus luchd-cùraim
Fiosrachadh do phàrantan agus luchd-cùraim
Thug Riaghaltas na h-Alba a-steach na Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus an riochd Gàidhlig, Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG) mar phàirt den Fhrèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta. Còmhla, canar na measaidhean seo mar na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN).
Airson gum bi an cothrom as fheàrr aig clann agus daoine òga an comas as àirde a choileanadh, feumaidh tuigse a bhith aig pàrantan, luchd-cùraim, luchd-teagaisg agus an luchd-ionnsachaidh fhèin air mar a tha iad a’ faighinn air adhart, agus dè an taic a bharrachd a dh’fheumas iad. Còmhla ri taghadh farsaing de ghnìomhan measaidh eile, cuidichidh na measaidhean leis an tuigse seo le bhith a’ toirt fiosrachadh do luchd-teagaisg a tha cothromach agus cunbhalach aig ìre nàiseanta air mar a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn air adhart ann am feartan àireamhachd agus litearrachd. Faodaidh luchd-teagaisg an uair sin bruidhinn air adhartas gach neach-ionnsachaidh cuide riutha fhèin agus rim pàrantan/luchd-cùraim, na h-ath cheumannan a phlanadh, agus dèanamh cinnteach gum bi tuigse aca air na dòighean as fheàrr air taic a thoirt do ionnsachadh am pàiste san dachaigh.
Na dh’fheumas fios a bhith agad air mar phàrant neo neach-cùraim
Dè tha às ùr?
Tha SNSA agus MCNG a-nis còmhla air an aon làrach-lìn agus aithnichte còmhla mar Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN). Ged a tha susbaint an dà sheata mheasaidhean gu tur eadar-dhealaichte, tha dòigh-dèiligidh co-roinnte a-nis aig SNSA agus MCNG a thaobh dealbhachadh mheasaidhean, coitcheannachadh, aithris, agus prìomh chomas-gnìomh an t-siostam. Tha seo a’ ciallachadh nach bi feum aig clann agus daoine òga, no luchd-obrach na sgoile, a tha a’ cleachdadh an dà sheata mheasaidhean, eòlas fhaighinn air dà dhiofar shiostam air-loidhne.
Tha measadh leantainneach agus neo-fhoirmeil na phàirt bunaiteach de mheasadh làitheil, agus bidh seo fhathast fìor san àm a tha romhainn. Leanaidh luchd-teagaisg orra a’ tarraing air an fhiosrachadh air fad a tha ri fhaotainn dhaibh, nuair a tha iad a’ beachdachadh air adhartas an luchd-ionnsachaidh agus a’ planadh airson nan ath cheumannan ionnsachaidh.
Dè th’ air a mheasadh?
Tha Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba a’ dèiligeadh ri cuspairean air leth ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd, a’ toirt fiosrachadh innseachail, diagnosach air adhartas an luchd-ionnsachaidh anns an raointean curraicealaim seo.
Cò thèid a mheasadh?
A h-uile pàiste agus neach-òg ann an C1, C4, C7 agus ÀS3.
Cuin a thachras na measaidhean?
Thèid na measaidhean a dhèanamh le gach neach-ionnsachaidh aon turas anns gach bliadhna-sgoile bhuntainneach. Bidh an roghainn aig luchd-teagaisg agus sgoiltean fa leth, le stiùireadh bho ùghdarrasan ionadail, mun àm as freagarraiche sa bhliadhna-sgoile airson am pàiste na measaidhean coitcheann a dhèanamh.
Ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bu chòir làn-bhogadh de dh’àrd-chàileachd a bhith aig clann agus daoine òga gus am bi bunait sheasmhach agus ìre fileantachd sa Ghàidhlig aca airson adhartas a bharrachd a dhèanamh. Tha an curraicealam air a phlanadh gus gum faod iad an uair sin sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh sa Bheurla a thogail.
Leis nach bi clann ann an C1 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air ionnsachadh foirmeil sam bith fhaighinn air eòlasan agus na builean litearrachd sa Bheurla, agus leis gum bi clann ann an C4 aig ìre thràth san ionnsachadh seo, cha bhi aca ri Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla.
Bidh aig luchd-ionnsachaidh ann an C7 agus ÀS3 ri na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla ann an leughadh agus sgrìobhadh, a bharrachd air na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Tha seo mar thoradh air an dòigh shònraichte a tha clann agus daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothrom air a’ churraicealam an taca ris an fheadhainn ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla. Mar sin, feumar adhartas anns gach meadhan ionnsachaidh a mheasadh agus a thuigsinn fa leth.
Dè an cruth anns a bheil na measaidhean?
Thèid na measaidhean a dhèanamh air-loidhne agus thèid an ceartachadh leis an t-siostam air-loidhne, a’ toirt fiosrachadh diagnosach do luchd-teagaisg sa mhionaid airson adhartas chloinne agus dhaoine òga ann an litearrachd agus àireamhachd a chuideachadh.
Cia mheud measadh a tha aig clann agus daoine òga ri dhèanamh anns gach bliadhna sgoile?
Tha an àireamh mheasaidhean eadar-dhealaichte airson SNSA agus MCNG
SNSA
- Bidh aig clann ann an C1 ri dà mheasadh SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C4 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C7 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an ÀS3 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
MCNG
- Bidh aig clann ann an C1 ri dà mheasadh MCNG a dhèanamh: measadh ann an litearrachd agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C4 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C7 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd, agus dà mheasadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) sa Bheurla: measadh ann an leughadh agus measadh ann an sgrìobhadh.
- Bidh aig daoine òga ann an ÀS3 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd*, agus dà mheasadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) sa Bheurla: measadh ann an leughadh agus measadh ann an sgrìobhadh.
* Tha sinn ag aithneachadh gum bi feum air dòigh-obrach shùbailte airson daoine òga a tha, a rèir curraicealam na sgoile ro dheireadh ÀS3, a’ faighinn cothrom air àireamhachd agus matamataig tro mheadhan na Beurla. Ann an suidheachaidhean mar seo, tha e coltach gum bi e nas freagarraiche am measadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) airson àireamhachd a dhèanamh tro mheadhan na Beurla.
Dè tha seo a’ ciallachadh dhan phàiste?
Cha bhi aig clann agus daoine òga ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo. Thèid na measaidhean a chleachdadh mar phàirt de dh’ionnsachadh agus teagasg àbhaisteach airson cuideachadh a thoirt do luchd-teagaisg tuigse fhaighinn air mar a tha am pàiste a’ faighinn air adhart agus airson na h-ath cheumannan a phlanadh.
Tha an siostam air a dhealbh ann an dòigh far am bi na ceistean ag atharrachadh. Ma tha duilgheadas aig neach-ionnsachaidh, fàsaidh na ceistean nas fhasa, agus ma tha a’ dol leotha gu math, bidh barrachd dùbhlain annta. San dòigh seo, dearbhaidh na measaidhean comas an neach-ionnsachaidh gun iad a bhith a’ coinneachadh ri cus cheistean a tha ro fhurasta, neo ro dhoirbh am freagairt. Chan eil ìre choitcheann ann a bhios aca ri choileanadh tro na measaidhean. Bidh gach neach air a mheas a rèir ’s na nì iad. Cha bhi comharran gan toirt seachad.
Tha na measaidhean cho goirid ’s as urrainn dhaibh a bhith agus freagarrach air aois agus ìre an luchd-ionnsachaidh. Chan eil bacadh-tìde air a chur orra. Tha seo airson nach cuir sin cuideam nach eil riatanach air clann agus daoine òga nuair a tha iad a’ dèanamh nam measaidhean. Chrìochnaichidh a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh C1 gach measadh ann an 30 mionaid aig a’ char as fhaide, gu cuibheasach crìochnaichidh luchd-ionnsachaidh C4/C7/ÀS3 ann an 40 mionaid aig a’ char as fhaide.
Cha bhi aig a’ phàiste ri measaidhean ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd a dhèanamh aig an aon àm.
Ciamar a thèid na builean a chleachdadh?
Bheir an dàta bho Mheasaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba barrachd fiosrachaidh dhan tidsear air mar a tha am pàiste a’ faighinn air adhart san sgoil.
Dè na buannachdan a gheibh am pàiste bhon t-siostam?
Dè na buannachdan a gheibh am pàiste bho na measaidhean coitcheann?
Bheir an siostam measaidh air-loidhne fiosrachadh air far a bheil am pàiste a’ faighinn air adhart gu math agus far a bheil feum air taic a bharrachd. Cleachdaidh tidsear a’ phàiste am fiosrachadh seo, còmhla ri fianais measaidh farsaing, airson na h-ath cheumannan a phlanadh agus airson taic a bharrachd a thoirt seachad far a bheil seo iomchaidh. Le bhith a’ toirt taic cheart aig an àm cheart, cuidichidh seo am pàiste gu bhith a’ ruighinn an comais.
Dè bhios aig a’ phàiste ri dhèanamh?
Bu chòir do chlann agus daoine òga a bhith a’ faicinn nam measaidhean mar phàirt eile de dh’ionnsachadh làitheil. Cha bhi aig clann ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo. Chan eil uallach obrach a bharrachd ann airson a’ phàiste agus cha bhi na measaidhean gan toirt air falbh bho ionnsachadh làitheil.
Dè tha seo a’ ciallachadh dhut?
Am faic thu na builean?
Cleachdaidh luchd-teagaisg am fiosrachadh seo, còmhla ri taghadh farsaing de dh’fhiosrachadh measaidh eile, airson bruidhinn riut mu dheidhinn mar a tha am pàiste a’ faighinn air adhart san ionnsachadh aca, mar phàirt den dòigh aithris àbhaistich san sgoil agad.
Ciamar a thèid am fiosrachadh seo a chleachdadh?
Bruidhnidh luchd-teagaisg ri clann agus daoine òga fa leth mun fhiosrachadh a thig air ais bho mheasaidhean agus planaidh iad na h-ath cheumannan ionnsachaidh a’ cleachdadh an fhiosrachadh measaidh air fad.
Cuideachd, cleachdaidh sgoiltean am fiosrachadh airson leasachaidhean ann an solar litearrachd agus àireamhachd a phlanadh.
Ciamar as urrainn dhut cuideachadh?
Tha dreuchd chudromach agad am pàiste a chuideachadh gus faighinn air adhart nan ionnsachadh. Cuiridh luchd-teagaisg fios mu dheidhinn mar a tha am pàiste a’ faighinn air adhart. Faodaidh tu bruidhinn ri tidsear a’ phàiste ma tha dragh sam bith ort mun ionnsachadh aca neo mu mheasadh, agus faodaidh tu fiosrachadh sam bith iarraidh air mar as urrainn dhut taic a thoirt do ionnsachadh a’ phàiste san dachaigh.
Airson barrachd fiosrachaidh air mar a ghabhas taic a thoirt do ionnsachadh, foghlam agus beatha-sgoile a’ phàiste, faodaidh tu a dhol gu làrach-lìn Parentzone Scotland.
Cò ris am bruidhinn mi airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn?
Bu chòir gum bi cothrom an-còmhnaidh ann bruidhinn ris an tidsear neo ri ceannard-sgoile a’ phàiste aig àm sam bith mu cheistean sam bith agad mu adhartas pàiste agus a’ phàirt a th’ aig measadh ann an seo. Faodaidh tu fios a chur chun a’ Chomhairle Phàrant agad airson stiùireadh neo taic a bharrachd.
Dè nì thu mura bheil thu airson gun gabh do phàiste pàirt anns na measaidhean?
Tha na measaidhean coitcheann mar phàirt de dh’ionnsachadh agus teagasg làitheil. Tha na measaidhean a’ toirt fiosrachadh diagnosach do thidsearan airson an cuideachadh gus na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga a phlanadh. Coltach ri dòighean eile de mheasadh ann an sgoiltean, chan eil bunait laghail ann airson pàrant am pàiste a thoirt a-mach às na measaidhean coitcheann.
Ma tha ceistean sònraichte agad mu dheidhinn pàiste a bhios a’ gabhail pàirt anns na measaidhean, bu chòir bruidhinn ris an sgoil mun deidhinn. Ma tha dragh fhathast ort agus ma tha thu airson am pàiste a thoirt a-mach às na measaidhean, tha e an urra ris an sgoil co-dhùnadh a ruighinn an urrainn dhaibh sin a dhèanamh, mar a tha e airson pàirt sam bith eile de dh’ionnsachadh agus teagasg.
Ma tha beachdan neo ceistean sam bith agad mun dòigh a tha adhartas chloinne agus dhaoine òga air a mheasadh mar phàirt de Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta, cuir post-dealain gu nationalimprovementframework@gov.scot
Càit am faigh mi barrachd fiosrachaidh?
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba, far am faigh thu cuideachd Measadh Adhartas Chloinne: Iùl do phàrantan agus luchd-cùraim.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu thaic airson fàs na Gàidhlig sa Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018–2023
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Fhoghlam tron Ghàidhlig air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: A’ toirt taic do ionnsachadh ur pàiste – puingean sìmplidh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla | Ag ionnsachadh aig an taigh | ParentZone.