Luchd-teagaisg
Fiosrachadh do luchd-teagaisg
Thug Riaghaltas na h-Alba a-steach Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus an riochd Gàidhlig, Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG) mar phàirt de Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta.
Chì sinn tro ìre dhà SNSA agus MCNG air an lìbhrigeadh tro phlatform co-mheasgaichte agus le cunntas orra gu coitcheann mar Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN). Ged a bhios susbaint measaidh airson SNSA agus MCNG fa leth, bidh dòigh-dèiligidh co-roinneach aig an dà mheasadh gus measaidhean, coitcheannachadh, aithris agus prìomh fheartan comas-gnìomh an t-siostam a dhealbh.
Chaidh na SNSA agus na MCNG a dhealbh agus a leasachadh gu sònraichte airson curraicealam na h-Alba. Tha gach ceist air a sgrùdadh agus air a h-aontachadh le panalan Foghlam Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a rèir Curraicealam airson Sàr-mhathais agus, airson MCNG, na prionnsabalan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha gach ceist air a mapadh ri eagraiche agus fo-sheòrsa ann an Slatan-tomhais CaSm Litearrachd agus Àireamhachd aig an ìre bhuntainnich airson na bliadhna sgoile.
Airson taic a chur ris an fhiosrachadh measaidh a gheibhear bho shuidheachaidhean ionnsachaidh làitheil, agus tro sgrùdadh agus eadar-obrachadh le clann agus daoine òga, tha na MCN:
- a’ toirt aithisgean diagnosach a sheallas far a bheil clann agus daoine òga air feartan sònraichte a shealltainn agus far a bheil feum aca air taic a bharrachd
- a’ toirt cuideachadh dhuibh gus na h-ath cheumannan ionnsachaidh a dhearbhadh, do luchd-ionnsachaidh fa leth agus a thaobh dòighean-obrach àraidh a chleachdar san t-seòmar-teagaisg
- a’ toirt dhuibh barrachd fiosrachaidh a thaobh ur breithneachadh proifeiseanta air adhartas neach-ionnsachaidh ann a bhith a’ coileanadh na h-ìre bhuntainnich den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Am fiosrachadh a dh’fheumas tu mar thidsear
Dè thèid a mheasadh?
Tha Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (NSA) a’ dèiligeadh ri cuspairean air leth ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd, a’ toirt fiosrachadh innseachail, diagnosach air adhartas na cloinne anns an raointean curraicealaim seo.
Cò thèid a mheasadh?
Clann agus daoine òga ann an C1, C4, C7 agus ÀS3.
Cuin a thèid clann agus daoine òga a mheasadh?
Thèid am measadh aon turas anns gach raon curraicealam tro gach bliadhna-sgoile, ach ’s ann agad fhèin, an co-chonaltradh ris an sgoil agus ris an ùghdarras ionadail, a bhios an roghainn cuin sa bhliadhna sin as freagarraiche. Faodar na measaidhean a dhèanamh:
- aig toiseach na bliadhna-sgoile, neo letheach slighe tron bhliadhna, gus cuideachadh le do thuigse air mar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn air adhart le cuspairean air leth ann an litearrachd agus àireamhachd, agus gus cuideachadh leis na h-ath cheumannan ionnsachaidh a phlanadh leis a’ chlas
- aig deireadh na bliadhna-sgoile airson cuideachadh le breithneachadh a bheil luchd-ionnsachaidh fa leth air an ìre bhuntainneach den Churraicealam airson Sàr-mhathais a choileanadh. Bu chòir toradh measaidh gach pàiste no neach òg a cho-roinn ris an tidsear a bhios aca san ath bhliadhna, airson ionnsachadh a phlanadh san àm ri teachd.
Chan fheum an luchd-ionnsachaidh uile na measaidhean a dhèanamh aig an aon àm neo taobh a-staigh aon ghreis ùine. Tha breithneachadh proifeiseanta bunaiteach. Bu chòir tighinn gu co-dhùnadh air cuin a thèid measaidhean a thoirt do chlann agus daoine òga a rèir argamaidean foghlaim agus stèidhichte air feumalachdan agus ùidhean gach neach-ionnsachaidh fa leth.
Ann am FtG, bu chòir làn-bhogadh de dh’àrd-chàileachd a bhith aig clann agus daoine òga gus am bi bunait sheasmhach agus ìre fileantachd aca sa Ghàidhlig airson barrachd adhartais a dhèanamh. Tha an curraicealam air a phlanadh airson sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh sa Bheurla a thogail.
Leis nach bi clann ann an C1 ann am FtG air ionnsachadh foirmeil sam bith fhaighinn air eòlasan agus builean litearrachd sa Bheurla, agus leis gum bi clann ann an C4 aig ìre thràth san ionnsachadh seo, cha bhi aca ri Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla.
Tha coir aig luchd-ionnsachaidh ann an C7 agus ÀS3 ri Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla ann an leughadh agus sgrìobhadh, a bharrachd air na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Tha seo mar thoradh air an dòigh shònraichte a tha clann agus daoine òga ann am FtG a’ faighinn cothrom air a’ churraicealam. Bu chòir, ma-thà, adhartas anns gach meadhan ionnsachaidh a mheasadh agus a thuigsinn fa leth.
Ciamar a thèid clann agus daoine òga a mheasadh?
Tha na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba air an lìbhrigeadh air-loidhne agus gan ceartachadh fhèin leis an t-siostam air-loidhne. Airson luchd-teagaisg agus luchd-stiùiridh sgoile, tha na h-aithisgean measaidh a’ toirt tomhas cunbhalach agus cothromach air adhartas an luchd-ionnsachaidh ann an cuspairean air leth mar phàirt de leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd.
Cia mheud turas a bhios aig clann agus daoine òga ri measaidhean a dhèanamh ann am bliadhna-sgoile?
Tha na h-àireamhan de mheasaidhean eadar-dhealaichte airson luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla, agus luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla
- Bidh aig clann ann an C1 ri dà mheasadh SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C4 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C7 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh clann ann an ÀS3 ri trì measaidhean SNSA a dhèanamh: measadh ann an litearrachd, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
Luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- Bidh aig clann ann an C1 ri dà mheasadh MCNG a dhèanamh: measadh ann an litearrachd agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C4 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd.
- Bidh aig clann ann an C7 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd, agus dà mheasadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) sa Bheurla: measadh ann an leughadh agus measadh ann an sgrìobhadh.
- Bidh aig daoine òga ann an ÀS3 ri trì measaidhean MCNG a dhèanamh: measadh ann an leughadh, measadh ann an sgrìobhadh agus measadh ann an àireamhachd*, agus dà mheasadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) sa Bheurla: measadh ann an leughadh agus measadh ann an sgrìobhadh.
* Tha sinn ag aithneachadh gum bi feum air dòigh-obrach shùbailte airson daoine òga a tha, a rèir curraicealam na sgoile ro dheireadh ÀS3, a’ faighinn cothrom air àireamhachd agus matamataig tro mheadhan na Beurla. Ann an suidheachaidhean mar seo, tha e coltach gum bi e nas freagarraiche am measadh SNSA (Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba) airson àireamhachd a dhèanamh tro mheadhan na Beurla.
Dè cho fada ’s a bhios nam measaidhean?
Tha na measaidhean air an dealbh airson gum bi iad cho goirid ’s a ghabhas agus freagarrach airson aois agus ìre an luchd-ionnsachaidh. Chan eil ùine air a chur romhpa airson a bhith cinnteach nach cuir seo cuideam nach eil riatanach air clann no daoine òga nuair a tha iad a’ dèanamh nam measaidhean. Cha bu chòir gum biodh feum aig a’ chuid as motha de luchd-ionnsachaidh air barrachd air 40 mionaid airson crìoch a chur air gach measadh.
- C1: Sa mhòr-chuid, bheir luchd-ionnsachaidh air C1 nas lugha na 30 mionaid gus measadh a chrìochnachadh.
- C4/C7/ÀS3: Gu cuibheasach, thoir suas gu 40 mionaid gus am measadh a chrìochnachadh. Bidh feum aig cuid de luchd-ionnsachaidh air barrachd ùine, ach bidh mòran a dh’fheumas nas lugha na 30 mionaid. Faodaidh luchd-ionnsachaidh tilleadh gus measadh a chrìochnachadh às dèidh ùine air falbh.
Bu chòir beachdachadh gu faiceallach air rianachd clas agus solar IT mus tèid na measaidhean a chur air dòigh oir dh’fhaodadh gun toir seo buaidh air an ùine a bheir iad.
Dè bhios an lùib nam measaidhean?
Tha farsaingeachd de cheistean air an cur mu choinneamh na cloinne agus nan daoine òga, gu tric le dealbhan. Tha na measaidhean ag atharrachadh mar a thèid iad air adhart, airson comas an luchd-ionnsachaidh a dhearbhadh gun cus cheistean a bhith romhpa a tha ro fhurasta, neo ro dhoirbh. Bidh iad ag atharrachadh a rèir ’s mar a tha a’ dol do gach neach-ionnsachaidh. Ma tha duilgheadas aig neach-ionnsachaidh, fàsaidh na ceistean nas fhasa, agus ma tha a’ dol leotha gu math, bidh barrachd dùbhlain annta.
Dè tha seo a’ ciallachadh dhut fhèin?
Bu chòir dha na measaidhean a bhith nam pàirt den obair ionnsachaidh àbhaisteach aig clann agus daoine òga. Chan eil feum air deisealachadh sònraichte. Feumaidh tu smaoineachadh air mar a stiùireas sibh iad san t-seòmar-teagaisg agad fhèin agus mar a nì thu cinnteach gu bheil clann agus daoine òga a’ tuigsinn nach eil anns na measaidhean coitcheann ach aon phàirt de dhòigh measaidh nas fharsainge ann an sgoiltean na h-Alba. Tha fiosrachadh mu rianachd clas ri fhaotainn sa phlatform measaidh.
Ciamar a bheir seo buaidh air teagasg?
Bu chòir do na h-aithisgean diagnosach bho na measaidhean lèirsinn a thoirt air mar as urrainn dhut an teagasg ri teachd a phlanadh airson coinneachadh ri feumalachdan an luchd-ionnsachaidh. Cha bu chòir uallach obrach a bharrachd a bhith ann do luchd-teagaisg neo luchd-ionnsachaidh. Tha na measaidhean cho in-ghabhalta ’s as urrainn dhaibh a bhith airson gum freagair iad air clann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd. Tha na measaidhean a’ leantail a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, agus airson MCNG, na prionnsabalan FtMG, agus mar sin bu chòir dhaibh suidhe ri taobh ionnsachadh agus teagasg làitheil, agus cha bu chòir am faicinn mar rud a bharrachd neo rud eadar-dhealaichte.
Dè tha seo a’ ciallachadh do chlann agus do dhaoine òga?
Cha bhi aig clann agus daoine òga ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo agus tha fianais bho ìre aon a’ sealltainn gun do chòrd iad ri iomadach neach-ionnsachaidh. Tha na measaidhean ag amas air a bhith cho in-ghabhalta ’s as urrainn dhaibh airson gum bi iad freagarrach do chlann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd san ionnsachadh aca.
Tha breithneachadh proifeiseanta bunaiteach ann a bhith a’ tomhas adhartas neach-ionnsachaidh. Cuir an dàta bho na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta ri dealbh iomlan agus cothromach air mar a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn air adhart, a’ toirt dhut cuid den fhiosrachadh dhiagnosach a dh’fheumar airson taic a thoirt do gach pàiste no neach òg gus soirbheachadh. Cha bu chòir na measaidhean a chleachdadh leotha fhèin agus cha bu chòir dhaibh a dhol an àite measadh leantainneach air adhartas an luchd-ionnsachaidh a tha an teis meadhan a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Chaidh na measaidhean a dhealbh a rèir a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais airson a bhith cinnteach gum bi ionnsachadh làitheil an t-seòmair-teagaisg ag ullachadh pàiste neo neach òg airson na measaidhean a dhèanamh.
A bheil na measaidhean rim faighinn air Glow?
Gheibh luchd-cleachdaidh le ainm-cleachdaidh Glow na measaidhean nuair a tha iad air logadh a-steach gu Glow. Airson barrachd fiosrachaidh, coimhead air duilleag logadh a-steach nam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta.
Fiosrachadh Trèanaidh
Fiosrachadh Trèanaidh
Thèid taghadh farsaing de chothroman trèanaidh a thabhann thar na bliadhna acadaimigich. Sa chiad dol a-mach, bidh fòcas trèanaidh a’ gabhail a-steach solaradh goireasan taic tòiseachaidh airson dèanamh cinnteach gum faigh luchd-teagaisg làn cothrom air a’ phlatform agus a chomas-gnìomh, agus airson measaidhean a lìbhrigeadh ann an dòigh a tha a’ freagairt air luchd-ionnsachaidh a dh’fheumas taic a bharrachd san ionnsachadh aca no aig a bheil Beurla mar chànan a bharrachd.
Bidh fòcas trèanaidh an dèidh sin air cleachdadh dàta MCN a bharrachd air àitichean sònraichte lìbhrigeadh nam measaidhean, a rèir trèanadh ìre a h-aon.
Bidh goireasan rim faotainn tro dhuilleagan cuideachaidh a’ phortal sa chiad dol a-mach. Faodaidh luchd-cleachdaidh Deasg Frithealaidh MCN a chleachdadh cuideachd, ma tha ceistean sam bith aca no taic eile a dhìth.
Thèid cothroman trèanaidh a lìbhrigeadh ann an cruth didseatach an toiseach. Tro theirm a’ gheamhraidh, bruidhnidh Oifigearan Taice ri ùghdarrasan ionadail gus faighinn a-mach mu fheumalachdan agus prìomhachasan trèanaidh, agus gus cothroman trèanaidh aghaidh ri aghaidh agus oideachaidhean-lìn a dh’fheumas ùghdarrasan ionadail a dhearbhadh.