Logadh a-steach MCN
Ma tha fios agad air an fhiosrachadh logadh a-steach agus thu taobh a-staigh lìonra sgoile no ùghdarras ionadail, gheibh thu chun nam MCN a’ cleachdadh a’ cheangail gu h-ìosal:
Mas e ’s gur e seo a’ chiad turas agad air a’ phlatform ùr MCN, faodaidh tu dearbhadh leis a’ Mhanaidsear Cunntais agad as urrainn post-d a chruthachadh dhut le fiosrachadh stèidheachaidh.
Log a-steach Glow
Mas e ’s gur e neach-cleachdaidh Glow a th’ annad agus gu bheil an taidhle MCN ri faotainn tron ùghdarras ionadail agad air an deas-bhòrd agad, faodaidh tu logadh a-steach tro Glow.
Trioblaidean logadh a-steach
Ma tha trioblaidean ann le logadh a-steach, seo cuid de na h-adhbharan a dh’fhaodadh gu bheil sin a’ tachairt, le comhairle air dè an ath cheum.
Chan eil fiosrachadh logadh a-steach agam
Bidh aon, no barrachd air aon, de na Manaidsearan Cunntais san sgoil agad a dh’fhaodadh taic a thoirt dhut leis an seo.
Tha fiosrachadh logadh a-steach ìre aon SNSA/MCNG agam ach chan eil iad ag obair
Feumaidh tu fiosrachadh logadh a-steach ùr a chruthachadh gus faighinn a-steach chun a’ phlatform MCN. Bruidhinn ris a’ Mhanaidsear Cunntais agad a bheir cuideachadh dhut.
Chan eil an ceangal ag obair dhomh
Tha suidheachaidhean ann far nach urrainn dhut faighinn a-steach gu MCN:
Tha mi a’ cleachdadh logadh a-steach MCN bho thaobh a-muigh na sgoile no ùghdarras ionadail
- Airson adhbharan dìon, chan fhaigh thu a-steach gu platform nam measaidhean ach tro thaobh a-staigh lìonra ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean Alba. Feuch a-rithist nuair a tha thu air lìonra an ùghdarrais ionadail no air lìonra na sgoile.
Chan urrainn dhomh taidhle MCN a lorg air GLOW
- Faodaidh ùghdarrasan ionadail taidhle MCN a chur air Glow Launchpad; ’s dòcha nach do roghnaich an t-ùghdarras agad taidhle a chleachdadh aig an àm seo. Bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agad airson barrachd fiosrachaidh.
Tha mi a’ cleachdadh GLOW taobh a-muigh na sgoile no ùghdarras ionadail. Tha mi air an taidhle MCN a bhruthadh ach chan fhaigh mi air a’ phlatform measaidh.
- Airson adhbharan dìon, chan fhaigh thu a-steach gu platform mheasaidhean ach tro thaobh a-staigh lìonra ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean Alba. Feuch a-rithist nuair a tha thu air lìonra an ùghdarrais ionadail no air lìonra na sgoile.
Tha mi a’ cleachdadh GLOW taobh a-staigh lìonra na sgoile no ùghdarras ionadail. Tha mi air an taidhle MCN a bhruthadh ach chan fhaigh mi air a’ phlatform measaidh.
- Chan obraich log a-steach Glow ach don luchd-obrach agus sgoilearan a tha air SEEMiS. Cleachd an log a-steach dìreach MCN.
A bheil trioblaidean agad fhathast?
Ma tha trioblaidean agad fhathast a’ logadh a-steach, bruidhinn ri deasg frithealaidh MCN a tha fosgailte eadar Diluain gu Dihaoine 8:30m gu 5f – Diciadain, gu 6f (ach Saor-làithean Banca). Freagraidh Luchd-obrach an Deasg Frithealaidh ceistean mu logadh a-steach no ceistean sam bith eile agad mun phlatform. Faodaidh tu bruidhinn ris an Deasg Frithealaidh air fòn 0330 403 0041 no tro post-d aig support@nsa.scot.
Ma tha thu airson ur ceist fhaighneachd sa Ghàidhlig, cuir ceist thugainn air post-d gu support@nsa.scot.