Clann agus daoine òga

Fiosrachadh do chlann agus do dhaoine òga

Tha siostam nam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba spòrsail agus furasta a chleachdadh. Tha iad air an dealbhadh airson gun tuig an tidsear na rudan a dh’fheumas iad a dhèanamh airson gun dèan thu deagh adhartas nad sgilean leughaidh, sgrìobhaidh agus àireamhachd.

Ma tha ceistean agad, tha tòrr fiosrachaidh air an làrach-lìn seo, agus bidh an tidsear agad an-còmhnaidh toilichte bruidhinn riut mu na measaidhean.

Am fiosrachadh a dh’fheumas tu mar phàiste neo neach òg

Cuin a bhios tu a’ dèanamh na measaidhean?

Sa bhun-sgoil, bidh clann ann an C1, C4 agus C7 a’ dèanamh nam measaidhean. San àrd-sgoil, bidh daoine òga ann an ÀS3 a’ dèanamh nam measaidhean.

Dè mu na toraidhean agad?

Bruidhnidh an tidsear riut mu na builean agad airson gun tuig thu far a bheil thu a’ dèanamh adhartas agus na h-àiteachan far a bheil feum air barrachd obrach. Cha bhi thu a’ faighinn comharra agus cha bu chòir dragh sam bith a bhith ort!

 

Am bi feum agam ullachadh airson nam measaidhean?

Bidh na measaidhean nam pàirt de obair àbhaisteach a’ chlas agad agus cha bhi agad ri ullachadh sònraichte sam bith a dhèanamh air an son. Tha na measaidhean cho goirid ’s as urrainn dhaibh a bhith, ach faodaidh tu toirt cho fada ’s a tha thu ag iarraidh airson an dèanamh.

Bidh thu a’ cleachdadh coimpiutair airson a’ mheasaidh. Bidh do thidsearan ann airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile sìon a’ ruith gu rèidh.