Ceistean agus freagairtean
Tha an duilleag seo a’ cruinneachadh cheistean agus fhreagairtean mu Mheasaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba.
Ceistean agus Freagairtean mu mheasadh an Alba
Ciamar a tha clann agus daoine òga air am measadh an-dràsta ann an Alba?
Tha measadh na phàirt bunaiteach de dh’ionnsachadh agus teagasg làitheil do chlann agus daoine òga. Bidh luchd-teagaisg a’ cruinneachadh fianais gu leantainneach agus gu neo-fhoirmeil le bhith a’ faighneachd cheistean, a’ coimhead air luchd-ionnsachaidh ag obair còmhla agus a’ beachdachadh air an obair. Faodaidh luchd-ionnsachaidh an obair fhèin a mheasadh neo obair clann eile sa chlas aca. Tha cuid de mheasaidhean a tha nas fhoirmeile, mar phròiseactan, obair rannsachaidh, sgrùdadh cuspair agus deuchainnean. Tha measadh air adhartas chloinne tron bhun-sgoil agus ann an ÀS1-ÀS3 stèidhichte air beachdan luchd-teagaisg: am “breithneachadh proifeiseanta”.
Nuair a bhios iad a’ breithneachadh, bidh luchd-teagaisg a’ cleachdadh an eòlais agus an tuigse air an neach-ionnsachaidh, agus air taghadh farsaing de dh’fhiosrachadh measaidh. Tha am breithneachaidhean cuideachd a’ togail air na slatan-tomhais a chaidh fhoillseachadh airson litearrachd & Gàidhlig, Slatan-tomhais Litearrachd agus Àireamhachd agus àireamhachd & matamataig. Tha iad seo a’ sealltainn fiosrachadh soilleir air na rudan a tha còir aig clann agus daoine òga a bhith air chomas a dhèanamh agus a nochdadh ro dheireadh ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Carson a tha measadh cudromach?
Feumaidh fios a bhith aig luchd-ionnsachaidh, pàrantan, luchd-cùraim, luchd-teagaisg agus ceannardan-sgoile mar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn air adhart, far a bheil a’ dol leotha gu math agus far a bheil feum aca air taic a bharrachd.
Faodaidh luchd-teagaisg fiosrachadh measaidh a chleachdadh gus na h-ath cheumannan ionnsachaidh a dhearbhadh agus gus pàrantan a chuideachadh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar as urrainn dhaibh taic a thoirt dhan cloinn san dachaigh. Faodaidh ceannardan-sgoile a chleachdadh gus tuigsinn mar a leasaicheas iad cothroman ionnsachaidh do chlann agus daoine òga san sgoil gu lèir.
Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba C&F
Carson a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt a-steach mheasaidhean?
Airson gum bi cothrom nas fheàrr aig gach pàiste agus neach-ionnsachaidh an comasan a choileanadh, feumaidh fiosrachadh cothromach, cunbhalach a bhith aig pàrantan, luchd-cùraim agus luchd-teagaisg air mar a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn air adhart. Cleachdar am fiosrachadh seo gus neartan aithneachadh agus gus na h-àiteachan far a bheil feum aig luchd-ionnsachaidh air taic a bharrachd a thuigsinn agus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Aig ìre sgoile, ùghdarras ionadail agus nàiseanta tha feum air fiosrachadh san t-siostam foghlaim a sheallas dè na dòighean ionnsachaidh agus teagaisg as fheàrr a tha ag obrachadh agus far am feumar atharrachaidhean a dhèanamh.
Dè bhios anns na measaidhean?
’S e siostam measaidh agus aithisgean a th’ anns na MCN air an lìbhrigeadh tro phlatform air-loidhne, Deasg Frithealaidh MCN airson taic a thoirt do thidsearan agus prògram trèanaidh airson tidsearan agus luchd-obrach sgoile.
Tha na measaidhean a’ dèiligeadh ri cuspairean fa leth ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Bidh clann agus daoine òga air am measadh aon turas gach bliadhna agus tha farsaingeachd de cheistean air an taisbeanadh dhaibh tro eadar-aghaidh air-loidhne.
Dè a’ bhuaidh a bhios aig na measaidhean air clann agus daoine òga?
Chan eil anns na measaidhean ach aon phàirt de thaghadh nas fharsainge de dh’fhianais a tha luchd-teagaisg a’ cleachdadh gus tuigsinn mar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn air adhart. San dòigh a chaidh na measaidhean a dhealbh, ma tha duilgheadas aig neach-ionnsachaidh, fàsaidh na ceistean nas fhasa, agus ma tha a’ dol leotha gu math, fàsaidh na ceistean nas dùbhlanaiche. Mar sin, dearbhaidh na measaidhean comas an luchd-ionnsachaidh gun iad a bhith a’ coinneachadh ri tòrr cheistean a tha ro fhurasta, neo ro dhoirbh am freagairt. Cha bhi feum aig luchd-ionnsachaidh ullachadh airson nam measaidhean. Cha bhi uallach obrach a bharrachd air luchd-ionnsachaidh neo luchd-teagaisg. Cha bu chòir gum bi na measaidhean a’ toirt air falbh bho ionnsachadh làitheil.
A bheil seo a’ ciallachadh nach bi measadh leantainneach san t-seòmar-teagaisg air a chleachdadh a-nis idir?
Chan eil. Tha measadh leantainneach na phàirt bunaiteach de mheasadh làitheil, agus bidh seo fhathast fìor san àm ri teachd. Bheir na measaidhean coitcheann ùra fìor dheagh bhunait do luchd-teagaisg air fianais fhaighinn as urrainn dhaibh a chleachdadh nuair a tha iad a’ measadh adhartas an luchd-ionnsachaidh ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Bidh luchd-teagaisg fhathast a’ togail air taghadh farsaing de ghnìomhan measaidh nuair a tha iad a’ beachdachadh air adhartas chloinne agus dhaoine òga agus a’ planadh nan ath cheumannan ionnsachaidh.
A bheil seo a’ ciallachadh dheuchainnean nàiseanta?
Chan eil. Chan e siostam dheuchainnean nàiseanta a th’ anns na MCN. Chan e deuchainnean le cuideam ro mhòr a th’ anns na measaidhean coitcheann. Cha bhi na builean a’ dearbhadh builean sònraichte do sgoilearan san àm ri teachd, mar an sgoil dhan tèid iad, neo an urrainn dhaibh a dhol air adhart chun na h-ath ìre. Cha bhi iad a’ faighinn comharra. Cha bhi aig luchd-ionnsachaidh ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo.
Cuin a thachras na measaidhean?
Bidh an roghainn aig luchd-teagaisg agus sgoiltean fa leth, le stiùireadh bho ùghdarrasan ionadail, mun àm as freagarraiche sa bhliadhna-sgoile dhan chloinn agus dhaoine òga na measaidhean coitcheann a dhèanamh.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith soilleir nach eil feum aig a h-uile neach-ionnsachaidh ann an clas, sgoil neo ùghdarras ionadail na measaidhean a dhèanamh aig an aon àm neo thairis air an aon ghreis ùine. Tha breithneachadh proifeiseanta nan tidsearan bunaiteach. Bu chòir co-dhùnaidhean air cuin a thèid measaidhean a thoirt do chlann agus daoine òga a bhith air an ruighinn a-rèir argamaidean foghlaim agus stèidhichte air feumalachdan agus ùidhean gach neach-ionnsachaidh fa leth.
Dè cho fada ’s a mhaireas na measaidhean?
Tha na measaidhean cho goirid ’s as urrainn dhaibh a bhith agus freagarrach air aois agus ìre an luchd-ionnsachaidh. Chan eil bacadh-tìde air a chur orra. Tha seo airson nach cuirear cuideam nach eil riatanach air clann agus daoine òga nuair a tha iad a’ dèanamh nam measaidhean.
C1: Sa mhòr-chuid, bheir luchd-ionnsachaidh air C1 nas lugha na 30 mionaid gus measadh a chrìochnachadh.
C4/C7/ÀS3: Gu cuibheasach, thoir suas gu 40 mionaid gus measadh a chrìochnachadh. Bidh feum aig cuid de luchd-ionnsachaidh barrachd ùine, agus crìochnaichidh mòran ann an ùine nas lugha na 30 mionaid. Faodaidh luchd-ionnsachaidh tilleadh gus measadh a chrìochnachadh às dèidh ùine air falbh.
Bu chòir beachdachadh gu math air rianachd clas agus solar IT mus dèanar na measaidhean oir dh’fhaodadh gun toir seo buaidh air an ùine a bheir iad.
A bheil na measaidhean air an ceartachadh le luchd-teagaisg a’ chlas?
Chan eil. Tha na measaidhean air an lìbhrigeadh air-loidhne, a’ cleachdadh teicneòlas a sheallas na builean leis fhèin. Tha an siostam a’ sealltainn fiosrachadh do luchd-teagaisg gu luath mu dheidhinn far a bheil neach-ionnsachaidh a’ faighinn air adhart gu math agus far am faodadh feum a bhith air taic a bharrachd.
Cò tha a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh nam measaidhean?
Tha Riaghaltas na h-Alba air AlphaPlus Consultancy Limited a choimiseanadh airson ìre dhà de Mheasaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba a leasachadh agus a lìbhrigeadh. ’S e eagrachas seirbheisean foghlaim a th’ ann an AlphaPlus Consultancy Limited a tha suidhichte ann am Manchester, agus a tha a’ dèanamh obair shònraichte ann an slatan-tomhais, measadh agus teisteanasan.
Tha leasachadh MCNG a-nis ga dhèanamh taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba. Chaidh panal de luchd-cleachdaidh FtMG a thrusadh mar luchd-sgrìobhaidh, airson measadh a chruthachadh a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan, amasan agus slighean ionnsachaidh a tha sònraichte do roinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air dèiligeadh riutha gu h-iomchaidh.
Mar a rinneadh airson ìre aon, bha Foghlam Alba os cionn panal Dearbhadh Càileachd a bha ag aontachadh agus a’ dearbhadh gach ceist ann an SNSA agus MCNG, mus deach an cur anns na measaidhean.
Ceistean agus Freagairtean air cò bhios a’ dèanamh nam measaidhean ùra?
Cò a’ chlann agus daoine òga a bhios a’ dèanamh nam measaidhean?
Bidh a h-uile pàiste agus neach òg ann an C1, C4, C7 agus ÀS3 a’ dèanamh nam measaidhean.
Nach eil clann air C1 ro òg airson a bhith a’ dèanamh mheasaidhean?
Chaidh aithneachadh fad is farsaing gu bheil adhartas tràth chloinne agus an t-adhartas sa chiad bhliadhna sgoile air leth cudromach airson soirbheachadh san àm an dèidh sin.
Tha am fiosrachadh a gheibhear bho na measaidhean a’ toirt fiosrachadh feumail do sgoiltean airson dèanamh cinnteach gu bheil taic iomchaidh ann airson gun tèid gu math do chlann agus airson ionnsachadh a phlanadh san àm ri teachd. Tha na measaidhean freagarrach air aois agus ìre an luchd-ionnsachaidh.
Lorg lèirmheas neo-eisimeileach de na SNSA airson C1 ann an 2019 gum faodadh na measaidhean a bhith nam pàirt bhrìgheil ann am beachdachadh agus leasachadh breithneachadh proifeiseanta thidsearan agus bu chòir dhaibh leantainn orra. A rèir na h-aithisg, bha fianais ann bho sgoiltean a bha ag obair ann an dòigh a bha bonntaichte ann an cluich agus cha do lorg iad sìon neo-chòrdail eadar sin agus SNSA C1.
Chaidh na MCN a dhealbh gus am bi iad furasta an dèanamh agus nan toileachas do chlann C1.
Sheall fios-air-ais às dèidh nam measaidhean bho luchd-ionnsachaidh C1 ann an 2021/22 gun robh 92% “toilichte” leis na measaidhean.
Tha fios againn gu bheil luchd-ionnsachaidh ann am FtG a’ tòiseachadh C1 le diofar ìrean de dh’eòlas mun Ghàidhlig. Bidh cuid air tighinn bho theaghlach a tha a’ bruidhinn Gàidhlig; bidh cuid a bha ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean agus cùram chloinne tron Ghàidhlig; agus bidh cuid nach eil ach air tòiseachadh ann am Foghlam tron Ghàidhlig.
Bidh na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig airson C1 freagarrach airson aois agus ìre an luchd-ionnsachaidh agus air a dhealbh gus adhartas a mheasadh ann an co-theacsa làn-bhogaidh. Faodaidh na measaidhean atharrachadh airson gum bi iad freagarrach do chlann a tha a’ tòiseachadh ann am FtG aig C1, agus feadhainn aig a bheil eòlas air FtG roimhe/ann an suidheachaidhean tràth-bhliadhnaichean agus cùram chloinne.
Dè dh’fheumas pàrantan/luchd-cùraim a dhèanamh mura bheil iad airson gun gabh am pàiste pàirt anns na measaidhean?
Tha na measaidhean coitcheann mar phàirt de dh’ionnsachadh agus teagasg làitheil. Tha na measaidhean a’ toirt fiosrachadh diagnosach do thidsearan airson an cuideachadh gus na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh chloinne agus dhaoine òga a phlanadh. Coltach ri dòighean measaidh eile ann an sgoiltean, chan eil bunait laghail ann airson pàrant/neach-cùraim am pàiste a thoirt a-mach às na MCN.
Ma tha ceistean sònraichte aig pàrantan/luchd-cùraim mun phàiste aca a bhith a’ gabhail pàirt anns na measaidhean, bu chòir dhaibh bruidhinn ris an sgoil mun deidhinn. Ma tha dragh fhathast orra agus ma tha iad airson am pàiste a thoirt a-mach às na measaidhean, tha e an urra ris an sgoil co-dhùnadh a ruighinn an urrainn dhaibh sin a dhèanamh, an aon rud ri pàirt sam bith eile de dh’ionnsachadh agus teagasg.
Carson nach eil clann ann am FtMG a’ dèanamh mheasaidhean SNSA ann an C1 agus C4?
Ann am FtMG, bu chòir làn-bhogadh de dh’àrd-chàileachd a bhith aig clann agus daoine òga gus am bi bunait sheasmhach agus ìre fileantachd aca sa Ghàidhlig airson barrachd adhartais a dhèanamh. Tha an curraicealam air a phlanadh airson gum faod iad an uair sin sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh sa Bheurla a thogail.
Leis nach bi clann ann an C1 ann am FtMG air ionnsachadh foirmeil sam bith fhaighinn ann an eòlasan agus builean litearrachd sa Bheurla, agus leis gum bi clann ann an C4 aig ìre thràth san ionnsachadh seo, cha bhi aca ri Scottish National Standardised Assessments (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla.
Carson a bhios aig clann agus daoine òga a tha ann an C7 agus ÀS3 ann am FtMG ris an dà mheasadh a dhèanamh, MCNG agus SNSA?
Bidh aig luchd-ionnsachaidh FtMG ann an C7 agus ÀS3 ri na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (SNSA) a dhèanamh sa Bheurla ann an leughadh agus sgrìobhadh, a bharrachd air na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Tha seo mar thoradh air an dòigh shònraichte a tha clann agus daoine òga ann am FtMG a’ faighinn cothrom air a’ churraicealam. Mar sin, feumar adhartas anns gach meadhan ionnsachaidh a mheasadh agus a thuigsinn fa leth.
Cha bhi aig clann agus daoine òga ann an C7 agus ÀS3 ri measadh coitcheann nàiseanta airson àireamhachd a dhèanamh ach ann an aon chànan. Gu h-àbhaisteach, bhiomaid an dùil gum biodh seo air a mheasadh tron Ghàidhlig. Tha sinn ag aithneachadh, ge-tà, gum bi feum air dòigh-obrach shùbailte airson daoine òga a tha, a rèir curraicealam na sgoile ro dheireadh ÀS3, a’ faighinn cothrom air àireamhachd agus matamataig tro mheadhan na Beurla. Ann an suidheachaidhean mar seo, tha e coltach gum bi e nas freagarraiche am measadh SNSA (Scottish National Standardised Assessments) airson àireamhachd a dhèanamh tro mheadhan na Beurla.
Dè mu chlann agus daoine òga a dh’fheumas taic a bharrachd san ionnsachadh aca?
Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil na measaidhean cho in-ghabhalta ’s as urrainn dhaibh a bhith airson gum freagair iad air clann agus daoine òga a dh’fheumas taic a bharrachd san ionnsachadh aca. Tha an siostam ruigsinneach airson clann a tha a’ cleachdadh teicneòlas mu thràth airson an cuideachadh a bhith ag ionnsachadh, neo dòighean conaltraidh eile mar chainnt gu teacsa. Bu chòir taic sam bith a bharrachd a tha ri fhaotainn do chlann agus daoine òga ann an ionnsachadh làitheil a bhith ri fhaotainn cuideachd airson nam measaidhean coitcheann.
Faodaidh luchd-cleachdaidh a tha ag obair còmhla ri clann agus daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd a tha nas toinnte an eòlas agus an tuigse air an neach-ionnsachaidh a chleachdadh, a bharrachd air na feumalachdan, neartan agus dùbhlain a th’ aca gus roghnachadh, còmhla ri pàrantan, am bi e freagarrach measadh coitcheann a chleachdadh.
Ciamar as urrainn do phàrantan/luchd-cùraim am pàiste a chuideachadh?
Tha dreuchd shònraichte aig pàrantan agus luchd-cùraim gus taic a thoirt dham pàiste airson an toirt air adhart nan ionnsachadh. Bu chòir do luchd-teagaisg a bhith a’ bruidhinn ri pàrantan mu dheidhinn mar a tha a’ dol dhan phàiste, agus mar a bheir iad taic dham pàiste san dachaigh. Bu chòir do phàrantan bruidhinn ris an sgoil ma tha dragh orra no ceistean sam bith aca mu ionnsachadh neo adhartas am pàiste.
Bu chòir do chlann agus daoine òga na measaidhean coitcheann fhaicinn mar phàirt eile de dh’ionnsachadh làitheil. Chan fheum pàrantan a bhith a’ deisealachadh clann agus daoine òga airson measadh neo a bhith a’ feuchainn air gnìomhan sònraichte sam bith.
Ceistean agus Freagairtean mu bhuilean nam measaidhean
Dè tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh leis na builean?
San t-seòmar-teagaisg, cuidichidh am fiosrachadh a thig bho mheasaidhean chloinne agus daoine òga luchd-teagaisg gus tuigse fhaighinn air mar a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn air adhart sna pàirtean fa leth de leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd a gheibhear sna measaidhean. Tha trèanadh agus stiùireadh ann airson luchd-teagaisg a chuideachadh gus na builean measaidh a mhìneachadh agus a chleachdadh.
Bidh dàta aig ìre sgoile ri fhaotainn do luchd-teagaisg agus ùghdarrasan ionadail airson an cuideachadh le planadh airson leasachadh.
Cha bhi Riaghaltas na h-Alba a’ faighinn ach dàta aig ìre nàiseanta. Cuidichidh seo gus treandan aithneachadh, agus gus poileasaidh agus prìomhachasan leasachaidh nàiseanta a stiùireadh. Faodaidh sinn aithneachadh bhon dàta aig ìre nàiseanta na neartan agus na raointean a tha feumach air leasachadh, gu h-àraid pàirtean fa leth de litearrachd agus àireamhachd. Bheir seo buaidh air an t-seòrsa agus an ìre de thaic nàiseanta a tha a dhìth.
Am faic clann agus daoine òga na builean?
Cha bhi cothrom aig clann na builean fhaicinn nuair a tha iad air crìoch a chur air na measaidhean. Nuair a tha iad deiseil, bidh buil nam measaidhean ri fhaotainn do luchd-teagaisg sa mhionaid. Cleachdaidh luchd-teagaisg am fiosrachadh seo, còmhla ri fianais bho thùsan eile, airson neartan agus raointean a tha feumach air leasachadh aithneachadh airson buaidh a thoirt air planaichean airson nan ath cheumannan ionnsachaidh. A rèir deagh chleachdaidhean ann am measadh, bu chòir gum faigh clann agus daoine òga fiosrachadh air ais bho rainse shlàn den na ghnìomhan measaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ tuigsinn agus a’ gabhail pàirt anns an ionnsachadh aca fhèin.
Am faic pàrantan/luchd-cùraim na builean?
Gu h-àbhaisteach, chan fhaic pàrantan buil nam measaidhean nuair a tha clann agus daoine òga air crìoch a chur air na measaidhean. Tha na h-aithisgean a gheibhear bhon t-siostam measaidh air-loidhne airson taic a thoirt do luchd-teagaisg ann am breithneachadh proifeiseanta mu adhartas pàiste. Cleachdaidh luchd-teagaisg am fiosrachadh seo, còmhla ri fiosrachadh bho thùsan eile, airson còmhradh a thòiseachadh còmhla ri pàrantan/luchd-cùraim mu adhartas chloinne ann an ionnsachadh.
Am bi Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh nam builean?
Cha bhi Riaghaltas na h-Alba a’ faighinn ach dàta aig ìre nàiseanta. Cuidichidh seo gus treandan aithneachadh, agus gus poileasaidh agus prìomhachasan leasachadh nàiseanta a stiùireadh.
Tha dàta bhon choileanadh litearrachd agus àireamhachd air a chruinneachadh agus fhoillseachadh aig ìre nàiseanta, ùghdarras ionadail, sgoil agus ìre bho bhliadhna gu bliadhna, tro staitistigean oifigeil Achievement of Curriculum for Excellence Levels (ACEL). Mar phrìomh chomharra air adhartas an luchd-ionnsachaidh ro theisteanasan nàiseanta, tha dàta ACEL a’ cur cuideam air breithneachadh proifeiseanta thidsearan.
Ceistean agus Freagairtean air dè tha ùr
Carson a tha SNSA agus MCNG còmhla air an aon phlatform?
Leis gun do chrìochnaich an cùmhnant airson lìbhrigeadh ìre aon de na MCNG san Iuchar 2021, agus an cùmhnant airson SNSA san Iuchar 2022, bha aig Riaghaltas na h-Alba ris an t-seirbheis a chur a-mach gu co-fharpais.
Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh air platform measaidh co-mheasgaichte a chruthachadh airson lìbhrigeadh ìre dhà de Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (NSA). Taobh a-staigh an t-siostam ùir, bidh an dà chuid na Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus na Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG) mar dhà sheata measaidh fa leth.
Ged a tha coltas an t-siostam measaidh eadar-dhealaichte bho na bha ann roimhe, tha na h-aon bhun-ghnìomhan agus sheirbheisean rim faotainn.
Carson a tha na measaidhean coitcheann a-nis air ainmeachadh Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN)?
’S e ainm coitcheann a th’ ann am MCN airson SNSA agus MCNG. Tha na measaidhean airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus SNSA a-nis nas coltaiche ri chèile air sgàth a’ ghluasaid gu dòigh co-roinnte air dealbhachadh mheasaidhean, prionnsabalan coitcheannachaidh agus comas-gnìomh aithisgean. Air sgàth ’s gu bheil cunbhalachd san dòigh seo, tha na measaidhean a-nis còmhla air an aon phlatform.
Càit am faigh mi barrachd fiosrachaidh?
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta a chleachdar ann an Alba air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu thaic airson fàs na Gàidhlig sa Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018–2023.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu Fhoghlam tron Ghàidhlig air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: A’ toirt taic do ionnsachadh ur pàiste – puingean sìmplidh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla | Ag ionnsachadh aig an taigh | ParentZone.
Ma tha ceistean, beachdan neo dragh sam bith ort mun dòigh anns a bheil adhartas chloinne air a mheasadh mar phàirt den Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta, cuir post-dealain gu: nationalimprovementframework@gov.scot.