Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba
Dè th’ ann am Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN)?
’S e ainm coitcheann a th’ ann am Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba (MCN) airson nan Scottish National Standardised Assessments (SNSA) agus an riochd Gàidhlig, Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig (MCNG). Airson ìre dhà de na measaidhean a lìbhrigeadh, bidh na SNSA agus na MCNG còmhla, airson a’ chiad uair, air aon phlatform.
Nì clann agus daoine òga ann an C1, C4, C7 agus ÀS3 measaidhean coitcheann air-loidhne ann an litearrachd agus àireamhachd mar phàirt den ionnsachadh agus den teagasg làitheil aca. Cuidichidh na measaidhean gus adhartas chloinne aithneachadh, le bhith a’ toirt fiosrachadh diagnosach a chuidicheas breithneachadh proifeiseanta nan tidsearan.
Cha bhi aig clann agus daoine òga ri ath-sgrùdadh neo ullachadh sam bith a dhèanamh airson nam measaidhean seo agus cha bhi iad a’ faighinn comharra. Tha na measaidhean cho in-ghabhalach ’s a ghabhas airson gum freagair iad air clann agus daoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd.
Carson a chaidh na measaidhean seo a thoirt a-steach do sgoiltean ann an Alba?
Chaidh na SNSA agus na MCNG a thoirt a-steach mar phàirt de Frèam-obrach Leasachadh Nàiseanta airson Foghlam na h-Alba gus fiosrachadh cunbhalach agus cothromach a thoirt do luchd-teagaisg mu adhartas, a chuidicheas gus builean a leasachadh do chlann agus do dhaoine òga air fad.
Tha measadh na phàirt bunaiteach de dh’ionnsachadh agus teagasg làitheil do chlann agus do dhaoine òga agus tha na measaidhean seo air an dealbh airson gum bi iad freagarrach air an dòigh a thathar a’ lìbhrigeadh foghlam ann an Alba. Tha na measaidhean a rèir a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais agus, airson MCNG, prionnsabalan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. ’S e measaidhean leantainneach, agus measaidhean bho àm gu àm, a tha bunaiteach do luchd-teagaisg airson breithneachadh proifeiseanta a dhèanamh air adhartas luchd-ionnsachaidh, agus bidh seo fhathast fìor san àm ri teachd. Cumaidh luchd-teagaisg orra a’ tarraing air an fhiosrachadh measaidh a tha ri fhaotainn ann a bhith a’ beachdachadh air adhartas chloinne agus dhaoine òga agus a’ planadh nan ath cheumannan ionnsachaidh.
Dè chaidh atharrachadh on a chaidh na measaidhean a thoirt a-steach air tùs?
Airson ìre dhà, chaidh aon chùmhnant a thoirt seachad airson leasachadh agus lìbhrigeadh nan SNSA agus nam MCNG, gus am bi gach seata mheasaidhean ri fhaotainn air aon shiostam co-roinnte air-loidhne. Tha an gluasad gu platform measaidh co-mheasgaichte a’ dèanamh comasach dòigh cho-roinnte air dealbhachadh mheasaidhean, prionnsabalan coitcheannachaidh, agus comas-gnìomh aithris airson an dà sheata de mheasaidhean.
Ged a dh’fhaodadh gu bheil atharraichean beaga san t-siostam, bidh na h-aon bhun-sheirbheisean ann, a’ gabhail a-steach:
- Làrach-lìn phoblach, a’ toirt inntrigeadh logadh a-steach don phlatform a tha air a dhìon le facal-faire.
- Seataichean mheasaidhean gu tur eadar-dhealaichte airson nam MCNG agus nan SNSA.
- Susbaint nam measaidhean le dearbhadh càileachd bho Foghlam Alba – le susbaint MCNG air a chruthachadh a dh’aona-ghnothach airson nam measaidhean le luchd-cleachdaidh FtMG – air an trusadh le Riaghaltas na h-Alba airson ìre dhà.
- Measaidhean a tha in-ghabhalach, ruigsinneach, so-fhreagarrach airson luchd-ionnsachaidh ann an C1, C4, C7 agus ÀS3.
- Àite fiosrachaidh do luchd-ionnsachaidh gus am fàs iad cleachdte ris na diofar sheòrsachan cheistean, agus dòighean air am freagairt, mus feuch iad air na measaidhean fhèin. Le ìre dhà, coinnichidh sibh ris an t-suaichnean ùr againn airson àite fiosrachaidh C1, Itean/Feathers, agus tha sinn an dòchas gun còrd seo ris an luchd-ionnsachaidh òga.
- Cruthachadh aithisgean fa leth, Buidhinn Diagnosach agus Buidhinn Iomlan gus taic a thoirt do thidsearan na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh na cloinne agus nan daoine òga a phlanadh, agus gus fiosrachadh a chur ri breithneachadh proifeiseanta air adhartas sgoilearan – le tuilleadh aithisgean farsaing aig ìre sgoile ri leantainn an dèidh sin.
- Aithisgean ùghdarras ionadail a bheir fiosrachadh air taisbeanaidhean measaidh; dàta suirbhidh neach-ionnsachaidh; builean measaidh iomlan ìre ùghdarras ionadail; agus seataichean dàta amh ùghdarrasan.
- Dealbhachadh imfhiosach le taic bho stuthan trèanaidh – ann an cruth Goireas Taice airson Tòiseachadh agus Stiùireadh Ruigsinneachd sgrìobhte anns a’ chiad dol a-mach (ruigidh sibh seo tro dhuilleagan cuideachaidh a’ phlatform). Nochdaidh tuilleadh stuthan agus cothroman trèanaidh – air aontachadh ann an còmhradh ri ùghdarrasan ionadail agus a’ gabhail a-steach cleachdadh dàta nam measaidhean – thairis air a’ chiad leth den bhliadhna sgoile.
- Deasg frithealaidh airson neach-cleachdaidh sam bith le ceistean no duilgheadasan – a’ cur fàilte air ceistean sam bith tron Ghàidhlig ann am post-dealain sa chiad dol a-mach, agus le seirbheis fòn ann am Beurla.
Sealladh farsaing air measaidhean
Bidh Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba a’ toirt fiosrachadh innseachail, diagnosach do thidsearan air adhartas an luchd-ionnsachaidh bho C1, C4, C7 agus ÀS3 feartan leughaidh, sgrìobhadh agus àireamhachd. Tha na measaidhean gan ceartachadh fhèin, a’ toirt fios-air-ais sa bhad do thidsearan gus clann agus daoine òga a chuideachadh a’ dèanamh adhartas tron ionnsachadh aca.
Nuair a tha na measaidhean deiseil, bidh aithisg dhiagnosach ri fhaotainn airson luchd-ionnsachaidh fa leth agus buidhnean de luchd-ionnsachaidh. Nuair a thèid beachdachadh air cuide ri rainns farsaing de dh’fhianais measaidh, cleachdaidh luchd-teagaisg am fiosrachadh a gheibh iad bho na measaidhean gus na h-ath cheumannan ionnsachaidh a phlanadh agus gus fios a thoirt don bhreithneachadh phroifeiseanta aca mu adhartas an luchd-ionnsachaidh. Bheir na h-aithisgean fiosrachadh innseachail, a tha stèidhichte air freagairtean measaidhean an luchd-ionnsachaidh, ag aithneachadh far a bheil iad làidir, a bharrachd air àitean far a bheil feum aca air barrachd taic.
A bheil feum agad air barrachd fiosrachaidh?
Tadhail air earrann nan ceistean is nam freagairtean neo sgrol sìos airson barrachd fiosrachaidh.
Tuilleadh fiosrachaidh
Rannsaich tuilleadh stòrasan leughaidh a tha a’ toirt co-theacsa nas fharsainge airson nam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta a bharrachd air comhairle air fèin-luachadh agus leasachadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig faic Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig | Fèin-luachadh | Ionad Leasachaidh Nàiseanta
Mura bheil freagairtean an sin dha na ceistean agad, cuir fios chun an deasg frithealaidh a bhios toilichte cuideachadh.
A bheil thu a’ lorg an t-siostam measaidh?
Log a-steach air siostam nam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta airson Foghlam tron Ghàidhlig airson Goireas Taice airson Tòiseachadh, stuthan taice, agus fiosrachadh conaltraidh airson deasg frithealaidh.
Logadh a-steach MCN